Change Text Size: A A A
Lews Castle

Co-labhairt air Tasglannan Coimhearsnachd ga chumail sna h-Eileanan an Iar

DEITEACHAN: 14 & 15 den t-Ògmhios 2017

CÀITE: Tasglann nan Eilean, Caisteal Leòdhais, Steòrnabhagh, Leòdhas, HS2 OXS Map

Tron na h-Eileanan an Iar, tha na Comainn Eachdraidh a’ soirbheachadh agus chan eil àite nas fhèarr ann airson sùil a thoirt air pròiseactan tasglannan coimhearsnachd bho air feadh Alba na na h-eileanan seo. Thèid a cho-labhairt a chumail aig Caisteal Leòdhais, a chaidh ath-ùrachadh agus far a bheil an taigh-tasgaidh ùr agus Tasglann nan Eilean stèidhichte. Le taic bhon Chrannchur Nàiseanta, a tha a’ libhrigeadh an co-labhairt leis a’ Chomhairle air Tasglannan na h-Alba ann am compàirteachas le Tasglann nan Eilean agus an Comann airson Tasglannan agus Clàraidhean (Rìoghachd Aonaichte is Èirinn) neo Archives and Records Association (ARA).

Thuirt Lucy Casot, Ceannard Maoin Dualchais a’ Chrannchur (HLF) ann an Alba:
‘Tha Maoin Dualchais a’ Chrannchur (HLF) air leth toilichte taic a thoirt dhan co-labhairt seo a tha a’ toirt còmhla deagh eisimpleirean far a bheil coimhearsnachdan ag obair gu dlùth leis an dualchais aca. Tha an co-labhairt cuideachd a’ sealltainn a’ bhuaidh a tha maoineachadh HLF air a dhèanamh air àiteachan agus air daoine – leithid Caisteal Leòdhais agus am prògram trèanaidh ‘Sgilean airson an àm ri teachd’.

Tha an co-labhairt a’ comharrachadh crìoch den phròiseact ‘A’ fosgladh Tasglannan na h-Alba’ a thoisich tri bliadhna air ais. Le taic bhon phrògram ‘Sgilean airson an àm ri teachd’, thug an trèanadh seo barrachd sgilean is eòlas seachad airson roinn nan Tasglannan Albannach. Chaidh ochd-deug a threànadh uile gu lèir agus tha iad air a bhith ag obair ann an tasglannan ionadail a’ brosnachadh pròiseactan fo-ruigsinneach anns na coimhearsnachdan aca.

Tha a’ phròiseact air a bhith air leth soirbheachail agus cluinnidh sinn bho neach-trèanaidh a tha stèidhichte aig Tasglann nan Eilean, Shona Nic Illfhialain agus bho Naomi Harvey, a rinn an trèanadh agus a tha a-nis stèidhichte aig Fuaimean na h-Alba, pròiseact air beul-aithris aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Bidh luchd-trèanaidh bho na Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba ann cuideachd.

Thuirt Irene O’ Brien, Cathraiche na Comhairle air Tasglannan na h-Alba:

Tha tasglannan coimhearsnachd cudromach airson cuimhne nàiseanta na h-Alba a’ chlàradh. Bheir an tachartas seo cothrom beachdan agus ceanglaichean ùra a dhèanamh.

Bi luchd-labhairt a’ bruidhinn air diofar phròiseactan bho tasglannan coimhearsnachd bhon Gàidhealtachd sna h-Eileanan gu Dùn Phrìs is Gall-Ghàidhealaibh. Tro na diofar taisbeanaidhean, gheibh an fheadhainn a bhitheas an làthair cothrom smaoineachadh air mar is urrainn buidhnean eachraidh ionadail agus tasglannan obrachadh còmhla. Cluinnidh sinn bho diofar dhaoine bho Fuaimean na h-Alba, iomairt shònraichte aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba agus bho Anna Nic Suain, Cathraiche aig Comunn Eachdraidh Nis, an comann as sinne sna h-Eileanan. Air an darna latha, thèid riochdairean aig an co-labhairt air chuairt gus tadhal air na buidhnean coimhearsnachd agus àiteachan eachdraidheil ainmeil fhaicinn.

Thèid oraid an latha a thoirt seachad le John Chambers, Ceannard an Comann airson Tasglannan is Clàraidhean (ARA) agus e a’ coimhead air adhart gus an ceangal eadar tasglannaichean is coimhearsnachdan a bhrosnachadh:

Se na h-aon dùbhlain th’aig na seirbheisean tasglann agus na buidhnean coimhearsnachd. Tha a bhuidheann againn, Buidheann Dualchais is Tasglannan Coimhearsnachd a’ toirt seachad lìonra-taice agus eòlas gus barrachd cuideachadh a thoirt seachad airson cothroman agus ceanglaichean a thaobh coimhearsnachdan is cruinneachaidhean a bhrosnachadh.

Tha an co-labhairt airson duine sam bith aig a bheil uidh ann an tasglannan coimhearsnachd agus dualchais, bho tasglannaichean proifeasanta, luchd-leabharlann, glèidheadairean agus duine sam bith a tha ag obair ann an roinn dualchais gu buidhnean coimhearsnachd.
Tha barrachd fiosrachadh mun co-labhairt an seo. Airson fiosrachadh a bharrachd air a’ phròiseact ‘A’ fosgladh Tasglannan na h-Alba’, faicibh an làrach-lìn seo.

Cur fios gu Robert Wright aig Comhairle air Tasglannan na h-Alba aig contact@scottisharchives.org.uk neo air 0131 535 1362 mun fios-naidheachd seo.

Airson an meadhanan Gàidhlig, cur fios gu Shona Nic Illfhialain aig Tasglann nan Eilean air 01851 822750 neo air shona.maclellan@cne-siar.gov.uk

About the Heritage Lottery Fund:

Thanks to National Lottery players, the Heritage Lottery Fund invests money to help people across the UK explore, enjoy and protect the heritage they care about - from the archaeology under our feet to the historic parks and buildings we love, from precious memories and collections to rare wildlife. www.hlf.org.uk.  Follow us on Twitter, Facebook and Instagram and use #HLFsupported.